A' Choille Ghruamach
[Fonn / Tune]
Gu bheil mi 'm ònrachd 's a' choille ghruamach,
Mo smaointinn luaineach, cha tog mi fonn:
Fhuair mi 'n t-àite so 'n aghaidh nàduir
Gu'n thréig gach tàlanta 'bha nam cheann;
Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann,
Nuair nì mi tòiseachadh bidh mi trom;
Chaill mi 'Ghàidhlig seach mar a b'àbhaist dhomh
Nuair a bha mi 's an dùthaich thall.
Chan fhaigh mi m'inntinn leam ann an òrdugh,
Ged bha mi eòlach air dèanamh rann;
'S e 'mheudaich bròn dhomh 's a lùghdaich sòlas
Gun duine còmhl' rium a nì rium cainnt.
Gach latha 's gach oidhche 's gach car a nì mi
Gu'm bi mi cuimhneachadh anns gach àm
An tìr a dh'fhàg mi tha 'n taic an t-sàile,
Ged tha mi'n dràsd' ann am bràighe ghleann.
Chan iongnadh dhomhsa ged tha mi brònach,
'S ann tha mo chòmhnuidh air cùl nam beann,
Am meadhon fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh
Gu'n dad as feàrr na bùntata lom.
Mu'n dèan mi àiteach 's mu'n tog mi bàrr ann
'S a' choille ghàbhaidh 'chur ás a bonn
Le neart mo ghàirdein, gu'm bi mi sàraichte
Is treis air fàilinn mu'm fàs a' chlann.
'S i seo an dùthaich 's a bheil an cruadal
Gun fhios do'n t-sluagh a tha tigh'nn a-nall,
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a bhuairidh
A rinn le'n tuairisgeul ar toirt ann;
Mi nì iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
Cha dèan i suas iad 's chan iongnadh leam,
'S gach mallachd truaghain a bhios 'gan ruagadh
Bho'n chaidh am fuadach a chur fo'n ceann.
Bidh gealladh làidir 'ga thoirt an tràth sin,
Bidh cliù an àite 'ga chur am meud;
Bidh iad ag ràitinn gu bheil 'ur càirdean
Gu sona saibhir gun dad a dh'éis;
Gach naigheachd mheallta 'ga toirt gu'r n-ionnsuidh-se
Feuch an sanntaich sibh dol nan déidh;
Ma thig sibh sàbhailt' nuair chì sibh iadsan
Chan fheàrr na stàtachan na sibh fhéin.
Nuair théid na dròbhairean 'sin 'gur n-iarraidh,
'S ann leis na briagan a nì iad feum,
Gun fhacal fhìrinn a bhi 'g a innse
'S an cridhe 'dìteadh na their am beul;
Ri cur am fiachaibh gu bheir 's an tìr seo
Gach ni as prìseile tha fo'n ghréin;
Nuair thig sibh innte gur beag a chì sibh
Ach coille dhìreach 'toirt dhibh an speur.
Nuair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd,
Bidh sneachda 'dlùthadh ri cùl nan geug,
'S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
'S ge maith an triùbhsair cha dèan i feum;
Gun stocain dùbhailt' 's a' mhocais chlùdaich
'Bhios air an dùnadh gu dlùth le éill;
B'e 'm fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh de'n bhrùid an dé.
Mur bi mi eòlach airson mo chòmhdaich,
Gu'm faigh mi reòta mo shròn 's mo bheul;
Le gaoth a tuath a bhios neamhail fuaraidh
Gu'm bi mo chluasan an cunnart geur.
Tha'n reòthadh fuath'sach, cha seas an tuagh ris,
Gu'm mill e chruaidh ged a bha i geur;
Mur toir mi blàths d'i gu'm bris an stàilinn,
'S gun dol do'n cheàrdaich cha gheàrr i beum.
Nuair thig am sàmhradh 's a miosa céitean
Bidh teas na gréine 'g am fhàgail fann;
Gu'n cuir i spéirid 's a h-uile creutair
A bhios fo éislean air feadh nan toll;
Na mathain bhèisteil gu'n dèan iad éirigh
'Dhol feadh an treud 's gura mór an call;
'S a' chuileag inneach gu socach, puinsionta,
'Gam lot gu lìonmhor le roinn a lainn.
Gun dèan i m'aodann gu h-olc a chaobhadh,
Chan fhaic mi'n saoghal 's ann bhios mi dall;
Gu'n at mo shùilean le neart a cunngaidh,
Ro-ghuineach druidhteach tha sùgh a teang',
Chan fhaigh mi àireamh dhiubh ann an dànachd
Gach beathach gràineil a thogas ceann,
'S cho liugha plàigh ann 's a bh'air rìgh Phàrach
Airson nan tràillean nuair 'bhàth e 'n camp'.
Ge mór an seanachas a bh'aca 'n Albainn
Tha 'chùis a' dearbhadh nach robh e fìor;
Na dollair ghorma chan fhaic mi falbh iad
Ged bha iad ainmeil a bhi 's an tìr.
Ma nìthear bargain chan fhaighear airgiod,
Ged 's éiginn ainmneachadh anns a' phrìs,
Ma gheibhear cùnnradh air fead nam bùithtean
Gu'm pàighear null e le flùr no ìm.
Chan fhaigh mi innse dhuibh anns an dàn seo
Cha dèan no nàdur a chur air dòigh
Gach fios a b'àill leam 'thoirt do na càirdean
'S an tìr a dh'fhàg mi 'rinn m'àrach òg.
Gach aon a leughas e tuigibh reusan
'S na tugaibh éisdeachd do luchd a' bhòsd,
Na fàidhean bréige a bhios 'gur teumadh,
Gun aca spéis dhibh ach déigh 'ur n-òir.