A Fhleasgaich Oig As Ceanalta
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
A fhleasgaich òig as ceanalta,
'S tu leannan nan deas ghruagach;
Do ghaol a rinn mo shàrachadh,
'S tha bhlàth siud air mo shnuadhsa.
Cha Ghall a tha 'nam leannan-sa,
Chan Aranach 's cha Tuathach,
Ach 's ann am Muile dh'àraicheadh,
MacPhàil an leadain dualaich.
Shiùbhlainn fad o m'dhaoine leat
Air long 's a h-aodach suas rith;
Cho fad 's a chuireadh gaoth sinn,
Gar saodachadh thar chuantan.
Shiùbhlainn fada, fada leat,
Cho fad 's an t-Eilean Uaine,
Nan gealladh tu nuair tilleamaid
An snaim a chur nach fuasgladh.