A Mhàiri Bhòidheach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
A Mhàiri bhòidheach ‘s a Mhàiri ghaolach,
A Mhàiri bhòidheach, gur mór mo ghaol ort;
A Mhàiri bhòidheach, gur tu a chlaoidh mi,
‘S a dh’fhàg mi brònach gun dòigh air t’fhaotainn.


A Mhàiri bhòidheach, gur mór mo ghaol ort,
Gur tric mi cuimhneachadh ort ‘s mi m’aonar,
Ge do shiubhlainn gach ceum de’n t-saoghal;
Bidh t’iomhaigh bhòidheach tigh’nn beò gach taobh dhiom.

‘S truagh nach robh mi ‘s mo Mhàiri bhòidheach
Ann an gleannan faoin is ceò air --
‘S ged bu rìgh mi ‘s an Roinn-Eòrpa,
Cha’n iarrainn pòg ach o Mhàiri bhòidheach.

Ach chitear féidh air sgéith ‘s na speuran,
‘S chitear iasg air àird nan sléibhtean;
Chitear sneachda dubh air gheugan,
Mu’m faicear caochladh tigh’nn air mo spéis dhut.

Do shùilean meallach fo d’mhala bhòidheach,
Do bhilean tana air dhath nan ròsan;
Slios mar chanach an gleannan mòintich,
‘S do ghruaidh mar chaoran fo sgéith nam morbheann.

Càit’ am faicear ‘s an t-saoghal bean t-aogais?
Chan eil i idir ann ri fhaotuinn,
Am maise, an tuigse, ‘s an deagh bheusan,
Tha thu ro àrda os cionn gach aon dhiubh.

Ach cha dèan eala air slios nam mór-thonn,
Cha dèan smeòrach nam badan bòidheach,
Cha dèan gach inneal ciùil ach crònan
Nuair a sheinneas mo Mhàiri bhòidheach.

Fhir a shiùbhlas thar tonnan uaibhreach,
A dh’ionnsuidh Innsean cian nan cuaintean;
Thoir gach sìod’ agus ni tha luachmhor,
Dh’ionnsuidh Mhàiri a rinn mo bhuaireadh.

Eòin a’s moiche a théid air sgiathan,
‘S a dhìreas suas ann an àird na h-iarmailt,
Na bitheadh latha thig fad na bliadhna,
‘S nach seinn thu ceòl do mo Mhàiri chiataich.

Ged do bhiodh mi gu tùrsach cianail,
‘S mi le cùram air mo lionadh,
Ni do ghnùis-sa tha mar ghrian dhomh,
Mo chridhe sunndach ‘nuair thig thu m’fhianuis.

Gu ma slàn do mo Mhàiri bhòidheach,
Ge b’e àite ‘s am bi i chòmhnuidh,
‘S e mo dhùrachd-sa ‘m fad ‘s is beò mi,
Gu’m bi gach sòlas aig Màiri bhòidheach.