A Nighean Bhuidhe Bhàn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
A nighean bhuidhe bhàn, nam falbhadh tu leam,
Nan siùbhladh tu leam, nam falbhadh tu leam,
A nighean bhuidhe bhàn, nam falbhadh tu leam,
Gun ceannaichean gùn dhe'n t-sìoda dhut.


Cheannaichinn gùn dhut, cheannaichinn brògan,
Cheannaichinn a h-uile nì gu dòigheil;
Cheannaichinn fàinneachan dhe'n òr dhut,
A rachadh mu d'mheòirean fìnealta.

Thug iad dhachaidh daoine Gallda
A thomhas a' ghrunna le slabhraidh --
Cha robh cnoc no sloc no gleann
Nach robh le peann 'ga sgrìobhadh ac'.

Thòmhais iad gu ìre 's am Blàthlon --
Chan fhàs coirce no buntàt' ann;
Is dòch' e na caoraich a bhàthadh --
Chan fhàs ann ach trì-bhileach.

Gura diombach mi do Lachlainn
Nach do sgiùrs e leis a' bhat iad
Sìos fo chreagan àrda Bhaltois --
Chan fhaigheadh iad dìreadh às.

Cha chluinn mi geum aig mart seang
A' tighinn gu eadradh tìm an t-Samhraidh,
Ach mèil nam molt 'sna fangan
Mu àm a bhith 'gan lìbhrigeadh.

Cha dèan cuid an dùthaich fhàgail
Le leisgeul dealchadh ri'n càirdean --
'S fheàrr leo fanail mar a tha iad
A' tighinn beò air grìolagan.

Chan fhaic thu 'n-diugh air aodann cnuic
Ach cìobair Gallta fighe stocainn,
'S móran dhiubh tighinn beò air bragsaidh --
'S math a théid e 'n ìre dhaibh.

Gur e mise tha fo airtneul
A' ruamhar am bràighe na craite;
Bidh mi co-dhùnadh nam faclan
'S e faisg air àm dìnnearach.

'S a nighean bhuidhe bhàn, nam falbhadh tu leam,
Nan siùbhladh tu leam, nam falbhadh tu leam;
'S a nighean bhuidhe bhàn, nam falbhadh tu leam,
Gun ceannaichinn gùn dhe'n t-sìoda dhut.