Ailean Duinn, a Nì 's a Nàire
[Séisd:]
Ì 's na hug orainn o hò,
Ì 's na hì ri ri ù.
Ailean duinn, a nì 's a nàire,
'S goirt 's daor gum phàigh mi màl dhuit:
Cha chrodh-laoigh, no chaoraich bhàna,
Cha bhola, cha pheic, 's cha mhàm e,
Cha nì, chan innsridh, 's chan àirneis,
Ach an luchd a thaom am bàta.
Bha m'athair oirre, 's mo thriùir bhràithrean,
'S laogh mo chuim a rinn mi àrach.
Chan e sin a léir 's a chràidh mi,
Ach am fear a ghlac air làimh mi,
Leathanach a' bhroillich bhàn-ghil --
'S e thug o'n Chlachan Di-màirt mi.
Ailean donn, bé beul a' mhànrain.
A Rìgh nam Fear, bu mhór do ghràdh dhomh.
Gur iad na ròin do luchd-taighe,
Do choinnlean àrd' na reultan geala.