Air Fàillirinn Iù Ho

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Air fàillirinn iù ho,
O iùilirinn o ho,
Air fàillirinn iù.


Gur mis' tha fo mhulad
Air uilinn nan stùc.

Mi coimhead Caol Muile,
'S cha ghrunnaich mi null.

Far an d'fhàg mi mo mhàthair
Air a càradh 'san ùir.

Far an d'fhàg mi mo leannan,
Caol mala 's rosg ciùin.

Chì mi m' bàta dol seachad,
Leam is lapach a chriù.

'S mur a deachaidh mi mearachd,
Bha mo leannan air stiùir.

Dol seachad air Ile
Leam is ìosal a cùrs'.

Dol seachad air Eige
Tìr chreagach nan stùc.

Dol seachad air Cola
Chaill iad coltas mo rùin.

Dol seachad air Eirinn
Chaidh mo chéile sa' ghrunnd.

Chaidh m'eudail do'n fheamainn,
'S i dol thairis a-null.

Air bhàrr nan tonn uaine,
'S iad a suaineadh a siùil.

Air bhàrr nan tonn glasa,
'S muir a' sgapadh a bùird.

'S daor a cheannaich mi 'n t-eòrna,
'S beag a dh'òl mi de shùgh.

'S daor a cheannaich mi 'n sgadan
Air a phacadh as ùr.

'S daor a cheannaich mi bhranndaidh
Thàinig nall ann as ùr.

'S daor a cheannaich mi 'm bàta
Rinn am bàthadh 'nan triùir.