Am Bròn Binn

[Fonn / Tune]



Turas a chaidh Rìgh Artair 's a shluagh
Gu tulach nam buadh a shealg,
Gun duine mar-ris an Rìgh,
Ach Sir Bhalbha, fo a lìon arm.

Gun duine mar-ris an Rìgh,
Ach Sir Bhalbha, fo a lìon arm.
'S b'fheàrr leis na na bh'aige a dh'òr,
An òigbhean a bhith aige fhéin.

'S b'fheàrr leis, [etc.]
Ach b'fheàrr leis tuiteam, ann an sin,
Le còmhrag fir, mar bha e fhéin,
Na dol a dh'iarraidh na mnà,
'S gun fhios aige cia 'n t-àite fo'n ghréin.

Thuirt Sir Bhalbha suairce ciùin
"'S e mo rùn dol a dh'iarraidh na mnà,
Théid mi fhìn, mo ghille, 's mo chù,
'Nar triùir 'ga sìreadh gun dàil."

Seachd seachdainnean le strì
Bha sinn sgìth a' siubhail cuain,
Gun chala, gun talamh, gun fhonn,
Gun ionad anns an gabhadh an long tàmh.

Chunnacas an iomall a' chuain ghairbh
Caisteal mór mìn-gheal gorm,
Uinneagan glainne air a stuagh,
'S bu lìonmhor ann cuaich is còirn.

Air dhuinn bhith seòladh staigh ri bhun,
Chaidh slabhraidh a chur a-nuas,
'S roimh 'n t-slabhraidh cha do ghabhar crìth,
Ach chaidhear oirre 'nam ruith suas.

Chunnacas an nighean, éiteag òg,
An cathair òir 'na suidhe a-steach,
Sgàthan glainne air a glùn,
'S beannachdan do a gnùis ghil.

[Ise:]
"Fhir a thàinig oirnn o'n chuan,
'S truagh brìgh do bheannachadh ann,
Thig fear na cathrach seo fhéin,
Nach do dh'fhidir treun no truas.

[Esan:]
"Ged thigeadh am Fear Mór 'nam dhàil,
Gun iochd gun bhàigh le a claidheamh cruaidh,
Air do chubhais-sa, a bhean bhlàth,
'S coingeis leam a ghràdh seach fhuath."

[Ise:]
"Arm cha deargadh air an fhear,
Ach a chlaidheamh rinn-gheal fhéin;
Agus is fheàrr dhuit dol fo chleith
Do àite air leath tearuinnt' o'n eug.

Chaidh Sir Bhalbha fo chleith,
Agus a-steach thàinig am Fear Mór;
"Tha boladh an fharbhalaich a-steach,
Oirnn air teachd o thuinn na tràigh!"

"Anmain, a sheircein, 's a rùin,
Is mór an gaol a thug mi dhuit,
Cuir thusa do cheann air mo ghlùin,
Agus seinnidh mi ciùin dhuit a' chruit."

Chuir e a cheann air uchd na h-ighinn ùir'
Bu ghuirme sùil, 's bu ghile deud,
'S ge bu bhinn a sheinneadh i chruit,
Bu bhinne an guth bha teachd o beul.

Air dha bhith cuairteachadh nan cuan
Chaidil e 'n suain 'na shiorram fann,
'S thug iad an claidheamh as a chrios,
'S ghearr iad gun fhios dheth an ceann.

Ghoid iad a' bhraighdeanach-s' gu léir,
'S bha a' bhean fhéin fo chumha thruim --
Siod agaibh aithris mo sgeul,
'S mar a leugh iad am Bòrd Cruinn.

Latha do Rìgh Artair 's a shluagh
Bhith air tulach nam buadh a' sealg,
Gun duine mar-ris an Rìgh,
Ach Sir Bhalbha, fo a lìon arm.