An Còineachan
[Fonn / Tune]
O dh'fhàg mi 'n seo 'na shìneadh e,
'Na shìneadh e, 'na shìneadh e,
Gun dh'fhàg mi 'n seo 'na shìneadh e
Nuair dh'fhalbh mi bhuain nam braoileagan.
[Séisd:]
Hò bhan, hò bhan, goiridh òg ò,
Goiridh òg ò, goiridh òg ò,
Hò bhan, hò bhan, goiridh òg ò,
'S gun dh'fhalbh mo ghaol 's gun dh'fhàg e mi.
Fhuair mi lorg an dòbhrain duinn,
An dòbhrain duinn, an dòbhrain duinn;
Gun d'fhuair mi lorg and dòbhrainn duinn,
'S cha d'fhuair mi lorg mo chòineachain.
Fhuair mi lorg na h-eal' air an t-snàmh,
Na h-eal' air an t-snàmh, na h-eal' air an t-snàmh;
Gun d'fhuair mi lorg na h-eal' air an t-snàmh,
'S cha d'fhuair mi lorg mo chòineachain.
Fhuair mi lorg a' cheò 'sa bheinn,
A' cheò 'sa bheinn, a' cheò 'sa bheinn;
Ged fhuair mi lorg a' cheò 'sa bheinn,
Cha d'fhuair mi lorg mo chòineachain.