An Innis Aigh
[Fonn / Tune]
Seinn an duan seo do’n Innis Aigh,
An innis uaine a’s gile tràigh;
Bidh sian air uairean ag cath gu cruaidh ris
Ach ‘s e mo luaidh a bhith ann a’ tàmh.
Càit’ an tràith’ an tig samhradh ciùin?
Càit’ an tràith’ an tig blàth air craobh?
Càit’ as bòidhche ‘s an seinn an smeòrach
Air bhàrr nan ògan ‘san Innis Aigh?
Rogh’ na h-eunlaith e thar gach àit’,
Tha gach sion ann gu’m miann a ghnàth;
Air teachd do’n t-samhradh ‘s e leotha ‘s annsa
Nuair thig an t-àm a bhith ris an àl.
Tiugainn leam-sa chun na tràigh’,
‘S an fheasgar chiùin-ghil aig àm an làin,
‘S chì thu ‘m bòidhchead, ‘s an liuthad seòrsa
De dh’eòin tha còmhnuidh an Innis Aigh.
A’ ghrian ag éirigh ‘s a’ mhaduinn chiar,
A’ dearrsadh éibhneis ‘n a ceum do’n Iar,
Le gathan blàthmhor ‘s le boillsgeadh àghmhor
Bidh a ciad fàilt’ air an Innis Aigh.
An t-iasg as fiachaile, dlùth d’an tràigh,
Is ann m’a chrìochan is miann leis tàmh,
Bidh gillean iasgaidh le dorgh ‘s lìontan
Moch, moch ‘g a iarraidh mu Innis Aigh.
‘S ged théid mi cuairt chun an taoibh ud thall,
‘S mi ‘n dùil air uairibh gum fan mi ann,
Tha tàladh uaigneach, le teas nach fuaraich
‘G a m’tharruing buan do’n Innis Aigh.
O, ‘s gearr an ùine gu’n teirig là,
Thig an oidhche ‘s gun iarr mi tàmh,
Mo chadal buan-sa, bidh e cho suaimhneach,
Ma bhios mo chluasag ‘s an Innis Aigh.