An Ribhinn Alainn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Ochòin a rìgh, s i mo ribhinn donn,
Dh'fhàg mi fo mhìghean is m'inntinn trom;
Gur e a bòidchead a rinn mo leònadh,
'S cha bhi mi beò gun mo ribhinn donn.
Is truagh an dràsda nach robh mi 'm bhàrd
A ghleusadh clàrsach 's a sheinneadh dàn;
'S mi dh'innseadh buadhan na maighdinn uasail,
Mu bheil mo smuaintean gach oidhch' is là.
Is tric a bha mi mu laigh gréin'
Le m'nigheanaig àluinn fo sgàil nan geug,
Sinn ri sùgradh fo'n bharrach chùbhraidh,
Ach 's cianail tùrsach mi 'n diugh 'na déidh.
'S nuair thig an Céitein do ghleann an fhraoich,
Gun toir e fàs air gach blàth is raoin,
Is gheibh mi samhladh 'se sin do m'annsachd,
Am flùran greannar a dh'fhàs cho caoin.
Mar chanach mòintich tha cneas mo luaidh,
Dearg mar chaorann tha dreach a gruaidh,
A beus 's a nàdur mar neòinean malda,
No sòbhrag dh'fhàsas fo sgàil nam bruach.
Gur bòidheach, dualach an cuailean mìn
A th'air a' ghruagaich a bhuair mo chridh'
Gur binne còmhradh na guth na smeòrach;
'S tha mise brònach o'n dh'fhàg i mi.
Nuair chì mi 'n iarmailt aig ciaradh là,
Gu'n iar mo shùil-sa reul-iùil an àigh,
A's grinne soillse 's a's caoine boillsgeadh,
Mar siud bha mhaighdean a rinn mo chràdh.
Nis tha mo ghrian-sa air triall fo sgleò,
'S tha mis' am bliadhna mar eun sa' cheò,
Togaidh sgàile 's nì ise dearrsadh,
Is gheibh mi slàinte gach là ri m'bheò.