An Tulach Bòidheach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O, gur toil leam, e gur toil leam,
O, gur toil leam fhìn an t-àite;
'S toigh leam fhìn an tulach bòidheach
Air am b'òg a fhuair mi m'àrach.


Fhir a shiubhlas do na "Narrows",
Thoir mo shoraidh-sa gu m'chàirdean,
'S innis gu bheil mi fo mhulad
'Caoidh na tulaich rinn mi fhàgail.

Siod an tulach a tha briagha,
Leam bu mhiann gu siorraidh tàmh ann;
Far a bheil na daoine ciatach
Sìtheil, rianail mar na bràithrean.

Bu bhòidheach chìteadh Loch Bras d'Or
Air an seòl na luingeas àlainn;
Agus bàtaichean na smùide
'Gearradh shùrdagan 's an t-sàile.

Chìteadh Taobh-a-Tuath a' Chaolais
Far a bheil na raointean àrda,
Chìteadh siud 's Gleann Chlann Iomhair
Far a bheil daoine fialaidh, saoibhir.

'S tràth a thig an samhradh cùirteil,
'Chuir nam flùrs gu dlùth 'ad phàircean;
'S do choille fo thrusgan rìomhach,
'S tric a bhi mi fhìn fo sgàile.

Tha do ghlacan lurach, fiarach,
'S bòidheach, grianach, do chuid pàircean;
Far am fàs an còirce 's eòrna,
Cruineachd òr-bhuidh''s am buntata.

'S moch a chìteadh sùrd air daoine
'Dol gu saothair air an àite,
'Gillean òga 'dol a chliathadh,
'S bodaich liath a' cuir a ghràin dhaibh.

Bhiodh an smeòrach air bhàrr géige
A' seinn gu h-éibhinn madainn bhlàth-gheal,
Agus banarach na buaile
Le cuid duanag a' toirt bàrr air.

Nuair a thigeadh àm na buana,
Cha bhiodh tuathanaich air faillinn;
Gheibhteadh gruth ann agus uachdar,
Feòil nan uan agus buntàta.

Gheibhteadh an t-àran còirce brìgheil,
Gheibhteadh an t-ìm ann agus càise,
Gheibhteadh sùbh ann agus ubhlan,
'S cha bhoidh caomhnadh air a' bhlàthaich.