Anna Nic Leòid


Mi 'n seo air bòrd air long nan ròp, 'gur brònach a tha mi
O'n chuir mi cùl ri fearann m' òig' 's gach spòrs bha na mo thìr,
Ach cha b'e sin thug bhuam gach sòlas 's dh'fhàg cho breòite mi
Ach caoidh na h-òigh Ann N'acLeòid, 's e gaol a leòn mo chridh'.

Their cuid gun ghò nach aithn' an còrr gu bheil gaol na h-òigh gun bhrìgh
Gu bheil e daonnan mar tha 'n ceò, 's nach mair e mòran tìm,
Ach an gaol a thug mi dha Anna N'acLeòid nuair bha sinn òg 'sna glinn
Tha e brèagha fallain daingeann còmhnard, 's mairidh beò gach linn.

Nach anshocair bhith air a' chuain ri Geamhradh cruaidh 's droch shìd'
'S a' ghaoth a' sèideadh oirnn o'n tuath 's mi fliuch is fuar is sgìth,
Ach bhithinn son' air bhàrr nan stuadh ged bhitheadh an cuan na ghlinn
Ach thus' a luaidh bhith fallain buan 's do smuaintean orm fhìn.

Ma nì mi ceann a chur air cluasaig 's uair agam dhomh fhìn
Gum bi mi bruadar ort, a luaidh, air d'ìomhaigh 's gruag do chinn,
A mhaighdeann uasal mhaiseach shuairc, o'n tig an duanag ghrinn
Tha mheud 's a thug mi dhuit le luaidh cur saighdean cruaidh nam chrìdh'.

'S e thogadh m'aigne bhith 'n ceart uair nam shuidh' air leac 'sa chaol
Air creagan corrach mar a chleachd an taice ri mo ghaol,
'S tu nam achlais fo mo bhreacan, fasgadh bhon a' ghaoith
'S mi gabhail beachd orr', fear ma seach, do mhodh, do dhreach is d'aoidh.