Bu Chaomh Leam 'Bhi Mireadh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Bu chaomh leam 'bhi mireadh,'bhi mireadh, 'bhi mireadh;
Bu chaomh leam 'bhi mireadh ri mo chailin donn òg;
Bu chaomh leam 'bhi mireadh, 's ann ri d' thaobh dhèanainn suidhe,
Mo ghaol air a bilean 'n àm sìreadh a pòig.
An cluinn thu mi fhleasgaich, na bi ann an cabhaig,
'S gun gabh thu mo lethsgeul 's nach eil mi ach òg;
Nach gabh thu mo lethsgeul, 's i 'n fhìrinn a sheasas;
Tha mise an teagamh gur beag leat mo stòr!
D'fhalt buidhe, trom, dualach, sios mu do ghualainn,
Cha b'ionnan 's té uallach thogadh suas e le pròis:
Gur cùbhraidh leam t'anail na ùbhlan air chrannaibh;
B'e m'aoibhneas air thalamh dar sheallainn a d' chòir.
Cha'n iarr mi leat earras no storas air talamh;
Le m' dheoin, no le m' dh'aindeoin, cha dealaich sinn beò;
Ged dh'fhuasgladh na bannaidh bha cruaidh air an snaimeadh,
Cha treig mi mo bharail do dh'anail 'tha beò.
Gur mise 'bhiodh briathrach nan rachadh tu an iar leam,
'S nan tigeadh mo cheud-ghradh a-nuas o'n a' chrò;
'S gun siubhlamaidh thairis air rudha na caillich,
'S gun dèanamaid banais air am biodh farum is ceòl.
Bidh tusa le aighear cuir rian feadh na dachaidh,
'S bidh mise gu h-ealanta a sìreadh dhuit lòin;
Bheir mi fiadh as an fhireach is iasg as an linne;
Bidh liath-chearc mu'n teine, 's nach ann oirnn' bhios an dòigh.