Bail’ Inbhir-Aora
[Fonn / Tune]
[Séisd]
Bha mi air banais am Bail’ Inbhir-Aora;
Bha mi air banais am Bail’ Inbhir-Aora;
Chaidh mi gu banais le cuideachd o’n bhaile,
‘S gun d’fhuair mi mo leannan am Bail’ Inbhir-Aora.
An toiseach an Earraich, ‘s mo lìon air an fharadh,
‘S mi ‘m chlaoidh leis an fhadal, gun ealain, gun saothair,
Gun d’thàinig an rathad fear-cuiridh o m’charaid
‘Gam iarraidh gu banais am Bail’ Inbhir-Aora.
‘S a’ mhaduinn mu’n d’fhàg mi, b’i earail mo mhàthair,
“Bi stuama, bi càirdeil ‘nad nàdur, a laochain;
Rach sgiobalta, sgoinneil ‘nad éideadh ‘s ‘nad anart
Mu’m bi thu ‘nad mhasladh dhomh ‘m Bail’ Inbhir-Aora.”
Nuair thog sinn ri bruthach gu h-uallagach iollagach,
Oigridh air mhire, troimh fhireach is aonach,
Bu shunndach ar caithream thar mòinteach is ghleannan,
‘S a’ phìob a’ toirt langan air “Bail’ Inbhir-Aora.”
Am shùilean-s’ bha aillse an dreach bean-na-bainnse,
Is cròilean nam maighdeann ri aoibh air gach taobh dhi;
Cha seallainn ri barrachd aig baintighearna fearainn
An caisteal Mhic Cailein am Bail’ Inbhir-Aora.
Nuair thòisich an dannsadh ri fidhill na seann-ruith
Cuir shiùbhlach, gu’m b’fhonnar a pong-ghearradh aotrom;
Dh’fhògradh gach smalan le sòlas a’ chaidrimh
Is bòidhchead nan ainnir am Bail’ Inbhir-Aora.
‘S ann sheas i mu’m choinnimh, ‘s a’ chlàiridh fo ‘r bonnaibh,
A’ mhàldag ghlan shomalta, thogarrach, aoidheil;
Rinn rib’ o sùil dhearcaich mo chridhe-sa ghlacadh,
Mar lìon mu na bradain an caisil na h-Aora.