Oran Do Bhàl Chatriona Iain

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
'S e gillean mo rùin a thogadh oirnn sùnnd,
'S e seo a' Bhliadhna Ur 'thug solas dhuinn,
'S e gillean mo rùin a thogadh oirnn sùnnd.


'S a' mhaduinn seo 'n dè,
'S mi biadhadh na spréidh,
Gun chuala mi sgeul
Thug solas dhomh.

Mo chùl ris an dorus
'S mi crathadh an fhodair,
Gu'n chuala mi 'n t-sogan,
"Good morning, sir."

"Tha mise 'gad shìreadh
Gu bàl Chatrìona Iain:
Dèan deiseil 's thoir nighean
Ann còmhla riut."

Bu shunndach mo cheum
Cuir cùl ris an spréidh,
Chaidh m'aigne air ghleus
'S cha neonach e.

Gu'n dh'fhalbh mi gu tràth
Gu'n taigh 'san robh 'm bàl,
Taigh mór nam fluidh àrd
Nan seòmraichean.

Bu bhòidheach an sealladh
Bha'n iochdar an taighe,
De nighneagan dreachmhor
Is òigearan.

Catrìona 'gan drilleadh
Gach dream mar a thigeadh,
Gu'n d'shaoil mi gur Ministear
Gordon i.

Nuair thòisich an danns',
Bha ruidhl' anns gach ceann,
Sheas ise air "trunk"
'Toirt òrdain dhaibh.

A chlanna na biodaig
Nach "hook" sibh na gillean,
Gur truagh nach mise
Bha còmhla ribh.

Nuair bha mi air ghleus
Nam làthaichean fhéin,
Gu'n d'thoirinn "rafflity"
Dhòigheil dhaibh.

Gu dé air an talamh
A chum Seumas Chalum,
Nach d'thàinig a Anna
Bheag còmhla ris?

Tha Maiseag fo ghruaim
'S an cidsin ud shuas,
Is Eachainn a luaidh
Dèan trocair oirr'.

Seall anns a' mhionaid
Mu Flòraidh aig Iain,
Nach dh'fhuirich an gille
Bha còmhla rith'?

Bha Eachunn 'san àm,
'S am barran mu cheann,
'S fallus 'na dheann
A' dòrtadh dheth.

"I cannot let go
My grip on the stove
Confound it,"
Tha còignear còmhla rith'.

Air eagal gu'n tigeadh
I 'n taobh 's an robh mise
Gu'n d'fhàg mi 's a' mhionaid
An còmhlan iad.

'S e turus na truaighe
A chaidh mi 'n taobh tuath,
Chaidh cearc a chinn ruadh
A' leònadh orm.

An fhorca cas liath
Bitheadh agam ri'm bhiadh,
Chuir Steaphain ud shios,
Na meòirean dhith.

'S e turus na truaighe
A chaidh mi'n taobh tuath,
Gur ann do'n chinn Ruadh
A sheòl iad mi.