Banaltrum Shunndach
[Fonn / Tune]
Banaltrum shunndach thogadh mo leanabh beag,

Bainne nan gamhnach thogadh mo leanabh beag.
Banaltrum ùigheil thogadh mo leanabh beag,

Lite gun bhùirn a thogadh mo leanabh beag.
Banaltrum chiallach thogadh mo leanabh beag,

Bainne nan cìoch a thogadh mo leanabh beag.