Beinn A' Cheathaich

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Faireal il ó, ro a bhi ó
Hoireann is ó, horó i o ho
Hi rì o ro a bha hó hug óro.


Latha dhomh 's mi 'm Beinn a' Cheathaich,

Ruagadh nan caorach 's 'gam faighinn,

Cha b'e caigeann an dà phaidhear e,

Na caigeann bheag aig ceann an rathaid e.

Thug i 'n latha 'n diugh air frasan,

'S ann agam fhìn a bha an sealladh:

'Faicinn do bhàta 'dol seachad,

'S i gun stiùir gun stagh gun bheairtidh,

Gun seòl cumail air a h-astar ann,

Toirt a cinn do na chuan fharsuing.

Mach bho dhùthaich Mhic Nill Bharraidh,

Mach bho Chìosamul an aighir,

Far am faighte chuirm r'a gabhail,

Ol fìon a dh'oidhche gu latha,

Caithream nam fear ag òl leanna,

Sìoda donn 'ga chur air mnathan;

Gura mise th'air mo sgaradh,

Ma chaidh birlinn Chlann Nìll seachad,

Bhrist i an càbla 's dh'fhàg i 'n t-acaire,

Bhrist i am ball a b'fheàrr a bh'aice;

Dhomh-sa b'aithne fir 'ga fasdadh:

Fearchar ri stiùir, làmh ri tapachd,

Gill' Eóghanain Mór an gaisgeach,

Niall Gruamach mac Ruairi 'n Tartair,

Dòmhnall Donn à gleann nan dearcag,

Ruairi Og an t-oighre maiseach,

Ruairi Bàn b'e 'n làmh ri tapachd e,

Is Murchadh Ruadh bho cheann a' chlachain,

Is Murchadh Beag, céile nigh'n Lachlainn,

Dà mhac Iain Mhic a' Phearsain,

'S math thig gunna 's sgiath 'nur glacaibh,

Le boineid dhubhghorm air chùl bachlach.

Nam bithinn 'nam nighinn o lighe mo ghruaigeadh

B'annsa leam agam fear geal nach biodh gruaim air.