'Bheil Thu Dol A Dh'Eirigh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'Bheil thu 'dol a dh'èirigh, mo sheann Anna Mhór?
'N téid thu chon na fèilleadh, mo sheann Anna Mhór?
'N toir thu dhachaigh prèasant, am bàthar a bh'aig Nèasar?
'Bheil thu 'dol a dh'èirigh, is rud a thoirt do Mhór?
'N téid thu chon an iasgaich, mo sheann Anna Mhór?
Chon na t-oitir shìolag, mo sheann Anna Mhór?
Siod a' rud bu mhiann leat, poit ti 'n oir na grìosaich
'S lofaichean gan dèanamh, mo sheann Anna Mhór.
B'eòlach mi mu'd nighneig, mo sheann Anna Mhór,
Bho na thàinig i dhan tìr seo, mo sheann Anna Mhór,
Bha i laghach, sìobhalta 's bha i math gu sgrìobhadh
Nan toireadh tu dhomh fhìn i, mo sheann Anna Mhór.