Birlinn Ghoraidh Chrobhain

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Hò bhan na hò bhan ho,
Hì ho rò na hù bhan,
Hò bhan na hò bhan ho
Air bhirlinn Ghoraidh Chrobhain.


Fichead sonn air cùl nan ràmh,
Fichead buille lùghmhor,
Siùbhlaidh i mar eun a' snàmh,
Is siaban thonn ga sgiùrsadh.

A' bhirlinn rìoghail 's i a th'ann,
Siubhal-sìth 'na gluasad;
Sròl is sìoda àrd ri crann,
'S i bratach Olaibh Ruaidhe.

Dh'fhàg sinn Manainn mór nan tòrr,
Eirinn a' tigh'nn dlùth dhuinn;
Air Il' an fheòir tha sinn an tòir,
Ged dh'èireas tonnan dùghorm.