Bodachan A' Ghàraidh
[Fonn / Tune]
Bodachan a' ghàraidh,
Bu laghach e, bu lurach e:
Bodachan a' ghàraidh,
Bu lurach e mar bha e riamh.
[Séisd:]
Hó gu robh nighean aige,
'S hé gu robh dithis aige,
'S hó gu robh nighean aige
'S cha do ghabh e rithe riamh.
Bodachan a' ghàraidh
Cho friogaineach, cho froganach,
Bodachan a' ghàraidh
Cho froganach mar bha e riamh.
Tha buntata mór' aige
'S cuideigin is sgadanan,
Tha buntata mór' aige
'S uibhean nan cearc as a' chliabh.