Buain A' Choirce

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hò rò na ho ri ri ò,
Hì ri rì ri hò ro eile,
Hò rò na ho ri ri ò.


Latha dhomh 's mi buain a' choirce,
Gheàrr mi 'm beum 's cha robh e socair.

Gheàrr mi 'm beum 's cha robh e socair,
Gheàrr mi mo ghlùn is leig mi osna.

Shuidh mi air iomall a' ghoirtein,
Dh'fheuch am faicinn fear do choltais.

Dh'fheuch am faicinn fear do choltais,
Fear chùil duinn 's nan gruaidhean dosrach.

Fhaoilinn bhig a shnàmhas an cala,
Beir mo shoraidh uam gu mo leannan.