Caidil Gu Sunndach

[Fonn / Tune]



Caidil gu sunndach mo chìochran,
Caidil gu sunndach mo ghràidh,
Caidil gu maduinn le socair,
Na mosgladh do shuil' gu là,
Is mise le m'chridh' fo iargain,
'S mo smaointean gur trom gach trath,
Mi faighneachd an till, faighneachd an till,
'N till t'athair a-ris bho'n bhlàr.

Bidh thusa nad' chadal gun smuairein,
Bidh thusa nad' chadal gun phràmh,
Bidh mise le mulan is iomagain,
'Gam shàrachadh feis an ghnàth;
Cha deanar mo leigheas le h-iocshlaint,
Is cungaidh cha dean bonn-stàth;
Mi faighneachd an till, faighneachd an till,
An till t'athair a-ris bho'n bhlàr.

Troimh chunnartan gàbhaidh is lìonmhor,
Troimh fhàsach is gharbhlaich is choill,
Le naimhdean tha fuilteach an tòir air,
Gu guineach air tì a chlaoidh;
Ach cridh' a' ghaisgeich cha treig e,
Is m'urnuigh a ghnath 'dol suas;
An dòchas gun till, an dòchas gun till,
Gun till d'athair a-ris bho'n bhlàr.

Tha 'n trompaid a-nis air a séideadh,
'S am blàr air a chur a bha dian,
'S tha naidheachd an déidh tighinn a'm ionnsuidh,
A dh'aiseigeas dhomh an ciall;
Troimh 'n chath chaidh t'athair gu treubhach,
Is naimhdean cha d'fhuair am miann;
'S mi cinnteach gun till, cinnteach gun till,
Gun till t'athair a-ris bho'n bhlàr.