Caismeachd Chloinn Chamshroin

[Fonn / Tune]



Chan eil òganach treun de Chloinn Chamshroin gu léir
Nach téid deònach fo bhrataich Loch Iall,
Gu buaidh no gu bàs, bidh iad dìleas 's gach càs,
Oir géill cha d'rinn Camshronach riamh.


[Séisd:]
Nach cluinn sibh fuaim na pìob a' tighinn,
Gu h-àrd thar monadh is ghleann;
Agus cas cheuman aotrom a' saltairt an fhraoich!
'S i caismeachd Chloinn Chamshroin a th'ann!
'S i th'ann! 'S i th'ann!
'S i caismeachd Chloinn Chamshroin a th'ann!


Gur uallach an ceum, ged tha fios aig gach treun
Gu faod e bhith màireach 's an ùir;
Ach gach àrmunn gun sgàth, théid le cheannard do'n bhlàr,
Far an dualach dhaibh buaidh agus cliù.