Caisteal A' Ghlinne


[Séisd:]
Chuir iad an Caisteal a' Ghlinne mi
An seòmar ìosal cho fuar;
Chàraich iad mis' ann am prìosan,
'S an fhirinn agam ga luaidh;
Creideas chan fhaghinn no èisdeachd
Do'n sgeul a dh'fhàg mi fo ghruaim,
'S ged nì iad mise a cheusadh
Chan èirich is' às an uaigh.

Cadal cha tig air mo shùilean
'S gur tùrsach m'aigne gach là,
Cuimhneachadh maise mo rùin-sa
'S a gnùis bha coibhneil a ghnàth;
Cridhe bha blàth agus mùirneach
Seinn ciùil mar uiseag 'sna neòil;
'S truagh nach robh sinne le chèile
'S mi 'g èisdeachd briodal a beòil.

Thusa cha tig ann am ionnsaigh
'S cha dhùisg thu à cadal a' bhàis;
Ach tachraidh mise ri m'ùidh-sa
An dùthaich bheannaicht' an àigh;
Mo leannan bheir maitheanas dhomhsa
Ged leòn mi ise gu bàs;
Crìoch cha tig air ar sòlas,
Is bròn cha chluinnear gu bràth.