Càit' Na Dh'Fhàg Thu 'N Fhichead Gini?

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hì lé hù liò,
Hó ró mo luaidh, mo chruinneag,
Hì lé hù liò.


Dh'fhoighnich té an aodainn bhàin dhiom
Càit' na dh'fhàg mi 'n fhichead gini.

Dh'fhoighnich ise, bhean gun nàire
Càit' na dh'fhàg mi 'n fhichead gini.

Cunntaidh mise dhuit-sa 'n dràsda
Bho'n an fhàrdain chun na sgillinn.

Thug mi gini do'n a' bhàta
Thug mi sàbhailt troimh Chaol Mhuile.

Thug mi gini air an each bhàn
A thug mi sabhailt bho Chaol Mhuile.

Thug mi gini air an diallaid
Tha air liathadh anns an uinneig.

Thug mi gini air an t-snàthaid
Gus do làmh a chur ri grinneas.

Thug mi gini air a' mhiaran
Gus nach dei'dh do mhiar a mhilleadh.

Thug mi gini air an fhàinne
Gus do làmh a chumail cuimir.

Dh'fhàg mi gini air a' bhòrd
Anns an tigh-òsd' an robh mi fuireach.

Paidhir mhiotag 's paidhir dhòrnag
'S cha robh gròt aig Dòmhnull tuilleadh.