Cha Thréiginn Fhéin Mo Chruinneag Dhonn
[Séisd:]
I hiù horo, hi rì ho-rò,
Cha thréiginn fhéin mo chruinneag dhonn,
I hiù horo, hi rì ho-rò.
Ciamar dh'fhaodas mi bhi sunndach,
Agus cùl mo chruinneig rium.
'S ann a chuir i dhìom a gaol
Mar thilgeadh craobh a duilleagan.
'S ged a shuidhinn air cnoc leam fhéin
Gur gann gun till i tuilleadh rium.
Cha thréiginn-sa mo chiad bhean òg,
Gur math thig cleòc' is currac dhith.
Mas e tochar bha thu 'g iarraidh,
Gheobh thu chiall nas urrainn sinn.
Dusan dh'an na h-aighean ruadha,
Miosrach, cuachach, cuinneagach.
'S fhad' tha mi am port an Eirinn,
'S bochd mas fheudar fuireach ann.
Tha "man-o-war" a muigh 's a' chaol,
'S i air gach taobh le gunnaichean.
Sìos is suas air feadh a' chuain,
'S a bratach suas 's a "culars" ann.
Chan fhaod sinn togail o thìr,
Is geàrrd an Rìgh 'g ar furachas.
Ciamar théid sinn a Chaol Ile,
'S àm a bhi gu furachail?
Loisg na peilearan m'ar ceann,
A' bristeadh chrann is ulagan.
A' ghaoth a deas a dhèanadh feum dhuinn,
'S ann a thréig i buileach sinn.
A' ghaoth a tuath a rinn an call,
'S i chum am fang na dunach sinn.