Chaidh Mo Dhonnachadh Dhan Bheinn

[Fonn / Tune]



Chaidh mo Dhonnachadh dhan bheinn,
Chaidh mo Dhonnachadh dhan bheinn,
Chaidh mo Dhonnachadh dhan bheinn,
'S cha d'thill e dhachaidh.

'N e do Dhonnchadh-sa bh'ann?
'N e do Dhonnchadh-sa bh'ann?
'N e do Dhonnchadh-sa bh'ann?
Mo chall mar thachair.

'S e mo Dhonnchadh-sa bh'ann,
'S e mo Dhonnchadh-sa bh'ann,
'S e mo Dhonnchadh-sa bh'ann,
'S cha till e dhachaidh.

Fuil a chridhe 's a chléibh,
Fuil a chridhe 's a chléibh,
Fuil a chridhe 's a chléibh,
Ann am bréid a bhreacain.

Chaidh mo Dhonnchadh dhan bheinn,
Chaidh mo Dhonnchadh dhan bheinn,
Chaidh mo Dhonnchadh dhan bheinn,
'S cha till e dhachaidh.