Chaidh Mo Lothag Air Chall

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Chaidh mo lothag air chall,
O hao, gur h-oil leam,
Chaidh mo lothag air chall.


Chaidh mo lothag dha'n mhuileann,
'S i gun duine 'na ceann.

Chaidh mo lothag dha'n fhéith
'S mór am beud dhi dhol ann.

Chaidh mo lothag dha'n chladach,
'S cha robh tac' aice ann.

'S tu gun treobhadh an t-iomair'
As do dheoghaidh le crann.

'S tu gun treobhadh an tiadhan,
Ged 's e riasg a bhiodh ann.

'S tu gun deanadh a fodradh
Air dosraich nan allt.

Dh'fhalbh mo lothag dhonn ghaolach
Do'n aonach ud thall.

Chaidh mo lothag dha'n fhireach
'S i fo shileadh nan allt.

Dh'fhalbh mo lothag a Dh'Éirinn
Le each réidh nan rosg mall.

'S i gun itheadh a biadh ann,
Nuair bhiodh i cliathadh nam beann.

Tha i ullamh ealamh biadhte,
Tha i ciallach ri clann.