A Chailin Mhaiseach Dhonn

[Fonn / Tune]



A ghruagach a’ chùil shnìomhanaich,
Bhean òg is miannach leam,
Do phearsa dhìreach chumachdail,
‘S i ‘chuir mi ort an geall;
Is maiseach, banail, cliùiteach thu,
‘S ro mhodhail aig gach àm,
‘S tha blàth mar dhrùchd na h-iarmailt ort,
Mar dheàrrsadh gréin’ air fonn.

‘S ann thig an sìod’ am fasan air
Do chuailean maiseach donn,
Sùil chorrach a’s glan sealladh leam,
Mar dhearcagan nan tom;
Do ghruaidhean mar na ròsan
Nuair a bhios iad òg is fann,
‘S do shlios mar fhaoileann mara,
No mar chanach geal nam beann.

Mo chailin chruinn, dheas, fhuranach,
Tha urram ort nach gann,
‘S tu thogadh smal is mì-ghean dhìom,
An uair bhiodh m’inntinn trom;
‘S tu dheanadh tric dhomh ùrachadh,
‘S bu shunndach thogadh fonn
Le guth mar cheòl na fìdhle
No mar smeòrach bhinn nam beann.

Ceud soraidh slàn thar chuaintean leat
A ghruagach mhaiseach, dhonn,
Le dùil gu’m faic mi sàbhailt thu
Bheir mi mo dhàn gu ceann;
‘S ged chaidh tu fad air astar bhuam
Do Ghlaschu nan Gall,
‘S i tìr a mhùrain dhù-ghuirm
Bu dùthchas dhuit bhi ann.