Chan Eil Mo Leannan Ann An-Seo
[Fonn / Tune]
Chan eil mo leannan ann an-seo,
Cha robh e 'raoir, 's cha bhi e nochd;
Chan eil mo leannan ann an-seo,
No fear a thogas m'inntinn.
[Séisd:]
'S i o al o al o al am,
'S i o al o al o al am,
'S i o al o al o al am,
'S i o al am 's i h-abhram.
Caolas eadar mi 's mo luaidh, [x 3]
Is cuan eadar mi 's m'annsachd.
Caolas Bheàrnaraigh is Uig, [x 3]
Gur tric mo shùil a-null air.