I Hiùraibh O, Chan Eil Mi Slàn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
I hiùraibh o, chan eil mi slàn,
Hug òrainn o, chan fhaod mi tàmh,
I hiùraibh o, chan eil mi slàn.
'S muladach a' buain an lìn mi,
'S deòir mo chinn a' ruith gu làr.
Dhòmhnaill Ghuirm ma rinn thu m'eucoir,
Bha mi dhuit mar thé do chàch.
Bha mi dhuit mar bha do phiuthar,
Mur robh mi tuilleadh 's na b'fheàrr.
Cha do ghuidh mi Dia chur às dhuit,
Ged thug thu mo chreach gu làr.
Ged a thug thu dhomh-s' a' chleitig
Thug mi dhuit-sa gibht na b'fheàrr.
Ged a thug thu bhuam-s' an triùir,
An athair anns an ùir a' cnàmh.
Ged a thug thu ginidh òir dhomh,
'S daor an dròbh a chaidh do'n bhlàr.
Thug thu bhuam-sa Iain is Dòmhnall,
Is Alasdair Og a' chuailein bhàin.
'S nam fàgadh tu agam Eachann,
Cha bhithinn ag acain chàich.
B'fheàrr dhuit an crodh thoirt far ghleann,
Na gaoir nam bantraichean mu'n àl.
'S truagh nach robh mi'n riochd na faoileig',
'S aotrom dhèanainn air an t-snàmh.
Rachainn a-null air an linnidh
Fiach an d'fhuair na gillean bàidh.
'S truagh nach fhaicinn 's an eathair
Ceathrear fhear a' tighinn gu tràigh.
Ceathrear a' chòmhlan mo ghaoil
A dh'fhalbhadh aotrom le na ràimh.
'S nam biodh fios agad mo mhulad,
Chuireadh tu'n curach air sàl.
Cha b'i chuirinn ach a' bhirlinn
Ris an togt' an t-aodach àrd.
'S nan dèanadh mo chasan grunnd dhomh,
Cha bhithinn-s' air an rubh' mar tha.
'S e dealachadh nam fear o chéile
Dh'fhàg fo éislean mi gach là.
Dealachadh ri Iain is Dòmhnall,
A leag mo dheòir le cion-fàth.
Beannachd Dhé bhi agad Eachainn,
Bu tu mo roghainn thar chàich.
Bidh mi nisde triall romham,
Is deòir mo chinn a' ruith gu làr.