Chì Mi Na Mór-bheanna
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O chì, chì mi na mór-bheanna,
O chì, chì mi na còrr-bheanna,
O chì, chì mi na coireachan,
Chì mi na sgòran fo cheò.
Chì mi gun dàil an t-àite ‘san d’rugadh mi,
Cuirear orm fàilte ‘sa chànain a thuigeas mi,
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair ruigeam
Nach reicinn air tunnachan òir.
Chì mi a’ ghrian ann an liath nan flaitheanas,
Chì mi ‘san iar a ciar nuair laidheas i;
Chan ionnan ‘s mar tha i a ghnàth anns a’ bhaile seo
‘N deatach a’ falach a glòir.
Chì mi na coilltean, chì mi na doireachan,
Chì mi na màghan bàna a’s toraiche,
Chì mi na féidh air làr nan coireachan,
Falaicht’ an trusgan de cheò.
Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean,
Sluagh ann an còmhnuidh a’s còire cleachdainnean,
‘S aotrom mo cheum a’ leum g’am faicinn,
Is fanaidh mi tacan le deòin.
Fàgaidh mi ùpraid, sùrd agus glagarsaich,
Dh’fhaicinn an fhuinn anns an cluinnteadh a’ chagarsaich,
Fàgaidh mi cùirtean dùint’ agsu salach,
A dh’amharc air gleannaibh nam bò.
Fàilt’ air na gorm mheallaibh tholmach thulachnach,
Fàilt’ air na còrr-bheannaibh móra mulanach,
Fàilt’ air na coilltean, is fàilt’ air na h-uile,
O ‘s sona bhi ‘fuireach ‘nan còir.