Chì Mi Muile



[Séisd:]
Chì mi Muile, dùthaich m'òige,
Far beinn mhór' bho churraich ceò,
Eilean maiseach thar an aisig,
Nì mi fuireach ann ri'm bheò.


Tha mi dlùthadh gu tìr mo dhùthchais
Eilean uaine tìr nam beann,
Eilean bàidheil nan sgeul 's nan òran,
Tha mo dhùil gum bi mi ann.

Chì mi'm bothan is chì mi smùdan,
Chì mi doireachan nan allt,
Chì mi mullach nam beanntan àrda,
Chì mi uisge glan nam beann.

Tha daoine càirdeil a-nis chuir fàilt' oirnn,
Orain Ghàidhlig seinn gu binn;
Cha chuir mise tuilleadh cùil ris
Ge b'e maorach tràigh' mo bhiadh.