Chuir Iad An t-Sùil à Pilot
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Chuir iad an t-sùil à Pilot bàn,
Chuir iad an t-sùil à Pilot,
Chuir iad an t-sùil à Pilot bochd,
Gun fhios ciod an lochd a rinn e.
Dìol mo chuid mulan aig mucan a' chùbair,
Chuir iad 'nan smùid an raoir iad!
'S beag a bha fhios a'm gun robh iad 'san dùthaich
Fhad 's a bha 'n t-sùil am Pilot.
Ghleidheadh e dhomhsa 'n gàradh-càil,
Gu là bho'n chromadh an duibhre;
"Policeman" riamh cha robh aig na Goill,
Cho math ris air faireadh na h-oidhche.
Ged théid mi do m'leabaidh chan fhaigh mi lochd cadail,
Le balaich a' bhaile 'san oidhche;
Ach dh'fhaodadh na suirichean fuireach aig baile,
Mur dalladh a' chaile mo Philot.
Bha mo chuilean-sa ro-mhath air fuadach,
Chuireadh e suas ri beinn iad;
Bho chùl an tighe gum falbhadh e siùbhlach,
'S ruigeadh e Tùr an-t-saighdeir.
Chuir mi "petition" a dh'ionnsaidh na Ban-rìgh
A dh'innseadh mar thachair do Philot.
'S thuirt i gun cuireadh i gini am dhòrn
A chuireadh sùil òir a'm Pilot.