Clò Mhic Ille Mhicheil
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hug air clò Mhic Ille Mhicheil,
O hugaibh, hug a ri, thug,
Hug air clò Mhic Ille Mhicheil.
Oganaich ùir a' chùil teudaich,
'S oil leam aodach a bhi dhìth ort.
Chuir an Roinn Eòrpa clò am beart dhuit,
'S gus an dig e as, cha bhi sìth ann.
Ach bidh i fighte cumta luaidhte
Mus dig buain na h-Eill Mhìcheil.
Gum bi do chlò ruadh-sa luaidhte
Le gaoir, fuil, is fual 'ga slìobadh.
Nì mi fhéin dhuit sgioba cleith'
De'n phòr as gleusda tha sa' Chriostachd.
Bheir Albainn cuideachadh luadhadh,
Ma tha gruagaichean san rìoghachd.
Gun tig bannal oirnn a Sléibhte,
'S air do chléith gun dèan iad dìchioll.
Gun tig gruagaichean Chlann Raghnaill,
Còmhlan dàicheil nach dèan dìobradh.
Thig sgiob' eile à Gleann Garadh,
Luathas gu farumach, dìonach.
Gun tig nionagan o'n Cheapaich,
A bheir caithris air mun sgithich.
Is buidheann mhaighdean à Gleann Comhann,
Fùcaidairean coimheach rìoghail.
Gheibh sinn sgiob' eile à Eirinn,
O Iarl Aontruim nan steud riomhach.
Thig oirnn tuille do Chlann Dòmhnaill,
'S na thig oirnn diu a Cinntìre.
'S druididh riusan Clann Ghilleoin,
'S nì iad luadhadh a bhios rìoghail.
Freasdailidh maighdeanan Loch Abair,
Nìonagan gasda a nì sìor-luadh'.
Maighdeanan lurach Chlann Mhuirich,
Luaidhidh iad tuille is mìolan.
Gheibh sinn luchd-luadhadh Chinn t-Sàile,
Mnathan a thàirneas 's a shìneas.
Luaidheadh clò leinn ann an Clifton,
Is dh'fhàgadh Honiwood 'na shìneadh.
'S gun dig Leòdaich oirnn le'm bannal,
Is luaidhidh iad gun daingean lìomhaidh.
Thig ribhinnean a Strath Spé oirnn
A luaidheas 's a dh'éigheas 's a shìneas.
Gun dig Frisealaich le caithream,
'S bheir iad farum air gu rìoghail.
Thig càil de nìonagan làidir
O'n Ghalldachd, 's gun dàil a sgrìob oirnn.
Gun dig thugainn à Bràghad Albainn
Gruagaichean calma nach strìochdadh.
Mar sin is Niallaich thar sàile,
Far shruthain làidir an lionaidh.
Gun tig maighdeanan o'n t-Strath,
Is bheir iad crathadh air gach dìblidh.
Bheir Sruthain thugainn bannal
A shuathas gu deannalach mìn-thiugh.
'S na h-Apaich 's iad fhéin gu bòidheach,
Mar ri Clann Dòmhnaill an dìlsean.
Cruinnichidh thugainn o'n Apuinn
Sgioba a luaidheas 's a bhios dìleas.
Gun tig bannal mór Chlann Chatain,
Is bheir iad caitein air luchd mìoruin.
Dhaibh-san caileagan Chlann Ghriogair,
'S an uair a thig iad, nì iad sìor-luadh'.
Borradal 's e fhéin 's na gadaibh,
Och ge lag sinn nì sinn dìchioll.
Cuireamaid na éideadh Tearlaich,
Srachdamaid an àird ar dìchioll.
Na b'ionnan seo 's an luadhadh dosgach
A bha'n Cuil-lodair nuair a phill sinn!
Luaidhibh e ged nì sibh tuiteam,
A ghruaigaichean cruiteal rìoghail.
Bithidh an clòlain seo cho snaidhte
Ri aodach ruadh a bha 'sa Chrìosdachd.
Tuitibh an ionad nam bonn ris,
Ged a lom sibh air ur ìongain.
Iobraibh sibh féin suas gu toileach
Ann an onair a' chlò rìoghail.
A mhaighdeanan còire gràdhach,
Luaidhibh is tàirrngnibh is sìnibh.
Dèanamh an luath-làmh gu guineach,
'S thugaibh fuil a mac na striopaich.
Mìle marbhphaisg air na brùidibh
Nach d'rinn fùcadh 'na thìom dhuit.
Is dh'fhaodadh e bhith an dràsda umad
'Na thrusgan urramach rìoghail.