Cò Th'Ann Ach Anna Mo Nighean
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Cò th'ann ach Anna mo nighean,
'S i 'na ruith air feadh an taighe,
Cò th'ann ach Anna mo nighean,
'S i 'na ruith air feadh an taighe;
Cò th'ann ach Anna mo nighean,
'S i 'na ruith air feadh an taighe,
Cò ach i, cò ach i,
Cò ach i air feadh an taighe.
Cò th'ann ach Anna mo nighean,
Ruith gun sgìths air feadh an taighe,
Null 's a-nall a' ruith 'na deann,
'S i fhéin a th'ann is i 'na cabhaig;
Cò th'ann ach Anna mo nighean,
'S i ri mireag feadh an taighe,
Cò ach i, cò ach i,
Cò ach i air feadh an taighe.