O Cò Thogas Dhìom An Fhadachd?
[Fonn / Tune]
Fuaim an uisge, fuaim na gaoithe, fuaim a'ghéile tha mi cluinntinn,
'S feagal orm 's tu 'na do chuibhleir gu'n toir mac a' Ghoill do char as'd.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise tha gu brònach cluinntinn fuaim na gaoithe móire
'S feagal orm-sa 's gun thu eòlach gun toir gaoth nan seòl a-mach thu.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise th'air mo leònadh mach is dhachaidh as a' mhòine,
Faicinn làraichean do bhrògan, 's nach dèan an tuil mhór am falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise th'air mo léireadh, a ghràidh an cuala tu fhéin e,
Thuirt 'ad rium-sa gu'n d'rinn m'eudail m'fhuathachadh is t-éile leantainn.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
Saoilidh fear ma bhios té àlainn nach eil càil aig' ach a tàrsainn,
Ach 's ann tha i ri glùin a màthar, 's tòrr dha failligidh' air falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
'S iomadh oidhch' ged bhiodh am bùrn ann ruigeadh tu mi 'ghràidh 'n ad chrùban,
'S ged bhiodh m'athair air a ghlùinean dheidh'dh tu dha'n a' chùil air falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
'S e mo cheist an fhìnealt àlainn, 'n t-aodann as an robh an deàrrsadh,
Dhèanadh cùl do chinn dhomh sgàthan 'nuair a ghràidh a bha thu agam.
O cò thogas dhìom an fhadachd?