Mo Chridhe Trom ‘S Cha Neonach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O ho air ill a bha ho,
Ho air ithill a bha ho,
Eiribh ‘illean og i u,
Mo chridhe trom ‘s cha neonach.


A’ bhliadhna gus an dé
Sheòl an long mhór bho bréid,
Gu’m bu mhaith a théid na déigh,
‘Ga stiùireadh m’eudail Dòmhnall.

Nuair a ruig mi leth a’ chroinn,
Thuirt mis ris nach téid mi ann,
Thuirt e, “Feumaidh thu dhol ann,
‘S e siod a gheall thu dhomhsa.”

Nuair a ràinig mise suas,
Cheangail mi an “top-sail” gu cruaidh,
Eagal orm a tighinn a-nuas,
Nach robh i uamhaidh bòidheach.

Mo cheisd marcaich an eich ghlais,
Ruitheadh air bàrraibh a’ chas,
Ged a bhiodh am bruthach cas,
Gu marcaich e thu, Dhòmhnuill.

Gur e mise tha fo ghruaim,
Cumail cogadh ri Mac Suain,
‘S tric a bha mi ‘s an tigh-luaidh,
Gu duanach gabhail òrain.

‘S ann air cùl nam beanntan àrd,
Tha àite còmhnuidh mo ghràidh,
Fear dha ‘m bheil an cridhe blàth,
Do’n tug mi ‘n gràdh a leòn mi.

‘S ann air cùl a’ bhalla chloich,
‘S math aithnichinn lorg do chois,
Och is och, mar tha mi ‘n nochd,
Gur bochd nach d’fhuair mi còir ort.

Tha mo chridhe dhut cho buan,
Ris a’ chreag tha ‘n grunnd a’ chuain,
No comh-ionnan ris an stuaidh
A bhuaileas orr’ an còmhnuidh.

Tha mo chridhe dhut cho tlàth,
Tha e ris am bainne blàth,
No comh-ionnan ris a’ chàis’
A dh’fhasgas tu fo d’mheòirean.

Mo cheisd marcaich an eich dhuinn,
Ruitheadh ‘s bhuannaicheadh an geall,
‘S e falt buidhe a bh’air do cheann,
A dh’fhàg mi ‘n geall cho mór ort.