Mo Chridhe Trom, 'S Cha Neònach (II)

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O hi rìthill o bha hò,
O hi rìthill o bha hò,
Illirìnn 's hogi ò,
Mo chridhe trom, 's cha neònach.


Tha mo chridhe brist' am chom,
M'aigne cha dèan éirigh liom;
Mo cheist maraiche nan tonn,
A nì long mhór a sheòladh.

'S ann an tìr nan tonnan àrd,
Tha mo ghaol a' gabhail tàmh,
Aig a bheil an cridhe blàth,
'S a fhuair mo làmh le sòlas.

Air bhàrr nan tonn tha mo ghaol,
Broilleach geal fo léine chaol,
Dha'n tug mise mo cheud ghaol
Nuair bha mi aotrom, ògail.

Dh'éirich mise moch Di-luain,
Thug mi m'aghaidh air a' chuan;
Chunna mi bàta mo luaidh
Air bhàrr nan stuadh a' seòladh.

Dh'éirich mise moch Di-ardaoin,
Thug mi aghaidh air a' chaol;
Chunna mi do bhàta caol
A' seòladh aotrom bòidheach.

Mo cheist an Dòmhnallach treun,
Chuireadh tu fidheall air ghleus;
Cas as deise shiubhleadh féith,
'S e chuir mi fhéin an tòir ort.

Mo cheist macraich' an éich dhuibh,
Maraiche nan long, nan slub,
'S iomadh oidhche bha thu muigh,
'S fliuchan ann ad bhrògan.

Mo cheist macraich' an éich sheing,
Leumadh a ghléidheadh an geall;
Gur e a' ghruag a t'air do cheann,
A chuir an geall cho mór mi.

Mo cheist macraich' an éich ghlais,
'S gorm-shùil an aodann nach tais,
'S iomadh maighdean òg 'na dreas
A ghabhadh tu ri pòsadh.

Tha mo chridhe briste, briste,
Tha mo shùilean silteach, silteach,
Mo cheist sgrìobhadair na lìtreach
Bheireadh misneach dhomhsa.

Ach nam bithinn aig an aiseag,
Peann is pàipear a bhith agam,
'S mi gu sgrìobhadh dusan facal
Chuireadh stad 'sa chòrdadh.

Tha mo chàirdean rium an smalan,
A chionn mo ghaol bhith cho daingeann;
Ach 's tu ogha peathar mo sheanar
'S òg an leannan dhomhs' thu.

Tha mo chàirdean rium an gruaim,
A chionn mo ghaol a bhith cho buan,
Gus an càirear mi 'san uaigh,
Cha toir mi fuath dha'n òigear.