Cruinneag Na Buaile
[Séisd:]
O chruinneag, e chruinneag,
O chruinneag na buaile,
Mo cheist cailin mo chridhe,
'S ann leat a ruithinn air fuadach.
Fhuair mi litir Di-Dòmhnaich
A thug deòir air mo shùilean,
Iad 'g a m'iarraidh gu d'phòsadh,
Fath mo leòin thug iad bhuam thu.
Cha bhi mi 'g a d'chaoineadh,
Chan e 'n t-aog a thug bhuam thu;
'S ann a rinn thu mi fhàgail,
'S tu falbh an dràsd' le fear fuadain.
'S ann ort fhéin tha'n cùl rìomhach
Air a chìreadh 'n a dhualan;
E gu camlubach, bòidheach,
'S fiamh an òir air gach taobh dheth.
Tha do chneas mar an canach,
Slios mar eal' air na lòintean;
Tha do ghuth mar cheòl smeòraich
Seinn maduinn cheòthar 's na fuarbheann.
Bheirinn bradan bho-n t-sàile,
Fiadh bho àird nam beann fuara;
'S coileach dubh bhàrr géig dhuit,
'S cha bhiodh éis air mo ghruagaich.
Gur e mis' a bha gòrach
Gaol cho mór thiort dh'an ghruagaich,
'S mi cho cinnteach is beò mi
Nach fhaigh mi còir gu là-luain oirr'.
'S truagh nach robh mi 'san Fhraing leat,
A Nic-Raing a' chùil dualaich;
Cha bhiodh mulad air d'inntinn,
'S ceòl na fìdhle mu d'chluasan.
'S truagh nach robh mi 'sa' chàrn leat,
A-muigh air àirigh nam fuarbheann;
Leis an ribhinn as bòidhche,
Rinn mo leòn le fàs suarach.
'S truagh nach robh mi le teasach,
'Nam laighe le fiabhrus,
Mun tug mi dhuit gealladh,
No mu faca mi riamh thu.
Thug mi gean agus gradh dhuit,
Thar chàich thug mi luaidh dhuit;
Cha chreid mi gu bràth e
Nach e do mhàthair chum bhuam thu.