Cumha Na h-Oighe
[Fonn / Tune]
Oigh mo chridh’, oigh mo ghràidh,
‘S fuar an-diugh t’àite tàimh.
Shearg do dhuilleach, chrìon do bhlàth,
Is chàraich iad ‘san ùir thu.
‘S mise tha cràite; ‘s mise tha truagh;
Dh’oidhche ‘s a là ‘gad ionndrainn uam,
Ghlais iad m’éibhneas anns an uaigh,
‘S chan fhuasgail caoidh no tùrs’ i.
Bha thu ciùin; bha thu caomh;
Bha gach dùil ort an gaol.
B’i do bhathais mhalda, chaoin,
Mo ghràdh a dh’aom air tùs riut.
Thug thu barrachd ann am beus;
Bha thu maiseach thar nan ceud;
Bha do chruth gun mheang, gun bheud --
Is trom mo ghleus ‘gad ionndrainn.
Chaidh tu ás, reul nam buadh;
Dh’fhàg thu ‘n speur tuille ‘s luath --
Neul a’ bhàis, ‘s e sgar thu bhuam,
‘S is tuathal, trom mo chùrsa.
Bha thu rium mar sholus iùil,
Rionnag dhealrach, sheud mo shùl;
Tha mi nis mar long gun stiùir,
Gun phort a’m dhùil ás t’ionnais.
Ach tha speur shuas air neamh
Air nach gluais ceò no neul,
Iarmailt shoillseach ‘s àille sgèimh,
Is dèarrsaidh tu ás ùr ann.
Dealraich thusa nuas a’m chridh’,
‘S treòraich mise thun na tìr
Anns an àill leam leat-sa bhi
A chaoidh gun dìth, gun chùram.