Cumha nan Gillean
[Fonn / Tune]
'S mór mo mhulad 's mi cumha na gillean
Chaidh thar linne gun tiomachd roimh 'n àr;
Ged a b'éibhinn iad fhéin nuair a dh'imich
Shil an driùchd bho mo shùilean gu làr.
'Illean, 'illean, 'illean,
Thug sibh na h-ionnsaighean dùrachdach dàn,
'Illean, 'illean, 'illean,
'S mairidh bhur cliù-sa ùrar gu bràth.
Chuir sibh ur beatha gun mheathadh an cunnart
'N aghaidh cumhachd nan gunnachan mór,
'S iad a' sitheadh nan sligean 'nam muillean
Mar gu'm b'e tuil a bh'ann thuiteadh bho neòil.
'Illean, 'illean, 'illean,
Nochd sibh an cruadal bu dual do bhur seòrs';
'Illean, 'illean, 'illean,
Tilleadh cha b'fhiù leibh 's dhiùlt sibh bhi beò.
Chuir sibh muinntir bhur dùthcha fo chomain;
Ghleidh sibh gun dochann dhaibh sochair na saors';
Chaisg sibh an ruathar le duairc-luchd an donais
Chaidh air bàinidh le àrdan 's cion faoibh.
'Illean, 'illean, 'illean,
Cha b'e sud ìobairt bha dìomhain no faoin;
'Illean, 'illean, 'illean,
Anam do'n bhàs seach geur-smachd do'n t-saogh'l.
Cadal séimh dhaibh fo'n fheur ghorm thar mara;
Ge gur fad iad o'n dachaidhean féin,
Cuirear na blàithean le làmhan nam mnathan
Os na gillean le sileadh nan deur.
'Illean, 'illean, 'illean,
Dearbh chan iongnadh ar tùrsa bhi geur;
'Illean, 'illean, 'illean,
Chuir an t-eug as do reultan an speur.