Deoch-Slàint' A' Chamshronaich Bhòidhich


[Séisd:]
Siud agaibh an deoch a dh'òlainn,
Deoch-slàint' a' Chamshronaich bhòidhich;
Siud agaibh an deoch a dh'òlainn.


Dh'òlainn deoch-slàinte 'n fhir ruaidh
'Chaidh thar a' ghuallain Di-dòmhnaich.

Dh'òlainn deoch-slàinte 'n fhir bhuidhe,
'Dhìreadh am bruthach gun mhòr-chùis.

Dh'éireadh Griogaraich a's Granndaich,
Ann ad champa mar bu chòir dhaibh.

Dh'éireadh Stiùbhartaich o'n Appuinn --
Thig fo d' bhrataich na fir òga.

Dh'éireadh mar sin leat Loch-Iall
Nan lann 's nan sgiath 'sheasamh còrach.

Tha do chàirdeas an Lochabar,
Ri fear an Earrachd, an Còirneal.

'S math thig claidheamh a's crios guaille,
'S féile cuaiche air an òigear.

Bu tu sealgair dàmh nan cabar
Anns an lag 's an goir an smeòrach.

Nàmhaid an fhéidh thu 's an fhireach,
A's boc bìorach nan ceum spòrsail.

Lionteadh cupaichean mu'n cuairt ort,
'S gu'n dean fir Shuaineart an òl ort.