Dh'Fhalbh Na Gillean Grinn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Dh'fhalbh na gillean grinn fo'n cuid armachd,
'S ann leam fhìn is bòidhche thig an còta dearg dhaibh;
Dh'fhalbh na gillean grinn.
Nuair sheasas air carraig
Leòdhasaich is Hearaich,
Uibhistich is Barraich,
Balaich far na gainmhich,
Cò chuireadh a' strì
Air aon dhe'n chuideachd rìoghail?
Chuimisicheadh iad dìreach
Mìl' o cheann na targaid.
Gur h-iad a bhios pròiseil
A h-uile Di-dòmhnaich,
Le bucaill 'nam brògan
Crios is còta dearg orr'.
Gur h-iad a bhios éibhinn
A h-uile latha féille,
Bonaid 's ite pheucaig
'S an t-éideadh neo-chearbach.
Cromadh leis a' leathad
Siod na seòid nach fannaich;
Claidheamh mór le lainnir
'Gan gearradh mar arbhar.