Dh'Olainn Deoch à Laimh mo Rùin
[Fonn / Tune]
[Sèisd:]
Dh'òlainn deoch à làimh mo rùin,
Deoch-slàinte le Fear an Tùir,
Dh'òlainn deoch à làimh mo rùin.
Chì mi long a-mach an caolas,
Tha mo ghaol-sa air a stiùir.
Nuair a chunnaic mi air sàl i,
Dh'aithnich mi long bhàn 's a criù.
Dh'aithnich mi i fo cuid brataich',
A buill-bheirte 's a cairt-iùil.
Dh'òlainn deoch-slàinte mo thighearn',
Nuair a dh'fhiathaich' e mi null.
Dh'òlainn deoch-slàinte Rìgh Sheumais,
M'eudail air Mac Dhòmhnaill Ghuirm.
Dh'òlainn deoch-slàinte Mhic Gill-Eathain,
Mac na mnà a choisinn cliù.
Sgiobair 'n a shuidh air a "haidse",
'S a làmh ri sgapadh nan crùn.
Ged a tha mi'n seo, an Cola,
B'e mo thoil a dhol a Rùm.
'S rachainn as a sin do dh'Uibhist,
B'e mo luaidh tha air a luing.
Choimhead muime chaoin nam maighdeann,
Thogadh an t-oighr' air a glùin.