Ged a Tha Do Chasan Caola


[Séisd:] [x 2]

Ged a tha do chasan caola,
Pòsaidh mi thu, 's mór mo ghaol ort,
Ged a tha do chasan caola
'Se do ghaol a mheall mi.


Pòsaidh mi mun tig an t-earrach
Fhad 's a bhios na caoraich reamhar
Pòsaidh mi mun tig an t-earrach
Mun tig an ath gheamhraidh.

'S aithne dhomh do ghùn a dhèanamh
Air a chùlaibh 's a bheulaibh
'S aithne dhomh do ghùn a dhèanamh
Mar tha gùn na Ban-Rìgh.