Dòmhnallan Dubh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Dòmhnallan dubh, Dòmhnallan,
Hi rì ri liù hill é,
Dòmhnallan dubh, Dòmhnallan.
'S e Dòmhnall dualach mo leannan,
Gaol nan gruagach 's luaidh nan caileag,
'S toil leam thu bhith 'n làimh 's a' charraig,
Iarann air do bhasan gheala;
'S e dh'fhàg mo rùn gun bhith glégheal,
Seasamh fada air cuan na h-Eireann,
Cumail coinneamh ri Rìgh Seumas.
Sgoltadh gort a' bhradain fhìoruisg'
Air an tè thug bhuam mo leannan,
Mi fhìn seachd bliadhna 'ga àlach,
Air uisge nan lòn 's air aran,
A Dhòmhnaill, nan tig thu do m'iarraidh,
Cha b'e an t-aran tur bu bhiadh leat,
Biolair òg is ubhlan fiadhaich,
Bainne bruich nan aighean ciallach.