Eilean Cholla
[Fonn / Tune]
'S tu nì mi mholadh le aoidh 's gu toileach,
Eilean Cholla d'an tug mi luaidh,
Far an d'fhuair mi m'àrach nuair bha mi 'nam phàisde,
'S tu gheibh chiad àite gu bràth 'nam smuain.
[Séisd:]
Le aoigh 's le sòlas gun seinn mi òran
Don àite 's bòidhche leam fhìn fo'n ghréin';
'S tu Eilean Cholla nì mise mholadh,
An t-eilean mollach d'an tug mi spéis.
Do chladach fiadhaich nuair bhios na siantan
Le oillt a' siabadh do thìr mu'n cuairt,
Ach bòidheach, greannmhor ri fèath an t-samhraidh,
'S e dùsgadh sannt' a bhith measg an t-sluaigh.
Mo dhùrachd blàth nunn do'n eilean àghmhor
'San robh mo chàirdean a' tàmh bho chian;
'S e 'n t-Eilean Collach nì mise moladh,
An t-àit' as àill' air 'n do sheall mi riamh.