Eilean Leòdhais Tìr Nan Gaisgeach
[Fonn / Tune]
Eilean Leòdhais tìr nan gaisgeach,
Tìr nan lasgar is nan sàr,
Càite am facas riamh no'n cualas
Laoich air chuan thug orra bàrr?
[Séisd:]
'N téid thu leam, a rìbhinn mhaiseach,
'N téid thu leam, a rìbhinn òg?
'N téid thu leam, a rìbhinn uasal
Null air chuairt a dh'Eilean Leòdh's?
Chì thu m'athair ann 's mo mhàthair,
Mo bhràithrean 's mo phiuthar òg,
'S gheibh thu iadsan tha dhomh càirdeach,
Cridheil bàigheil, mar bu chòir.
Chì thu 'n t-àite 'san deach m'àrach
Mu'n do dh'fhàs mi gu bhi mór,
Canaidh tu gur baile briagha
Lional, ann an Eilean Leòdh's.
Chì thu laoich as bòidhche snuadh ann
'Bheireadh buaidh am blàir na h-Eòrp',
Chì thu maighdeannan gun ghruaim orr'
Gabhail dhuan ri luadh a' chlò.
Chì thu Mùirneag 's Beanntan Bharbhais,
Air an iath 'san anmoch ceò,
Chì thu àirighean 'nan guallainn
'S gruagaichean ri cuallach bhò.
Chì thu ann gach nì mar shaoil mi,
'S le mo dhùrachd sud mar bha;
O, ma théid thu leam a chaoidh ann,
Gheibh thu caoimhneas agus blàths.
Fhreagair i gu socair ciùin mi,
"Théid mi, rùin, leat null air sàl,
'S bho'n tha tìr do bhreith cho rìomhach,
Fanaidh mi gu crìch mo là'.