Eilean Scalpaidh na Hearadh
[Fonn / Tune]
Eilean Scalpaidh na Hearadh,
Eilean maiseach mo ghràidh,
Eilean torrach nan gleannaibh,
Nam bealach 's nan càrn;
Far an robh mi o m'òige
Air bheag eòlais nan eas,
Falbh nan cluaineagan boidheach
Tha mu òb Ceann a' Bhàigh.
Meall Chalpost tha sgiamhach,
Aite fiaraich gach sprèidh;
Sud an sealladh as briagha,
Tha fo iarmailt nan speur;
'Faicinn uain air gach bealach,
Aotrom ealanta 'leum;
'S eòin an t-slèibh' 's iad ri caithream,
Air gach bearradh is geug.
Tìr nan òganan gasda,
Tìr nan gaisgeach 's nan sàr,
Tìr nam maraichean tapaidh,
Càit' am facas na b'fheàrr,
Tìr nan òighean tha maiseach,
Cliùiteach, faicealach 'nan gnàths;
Ann an grinneas 's an dealbhachd,
Fhuair iad ainm anns gach àit'.
Na chaidh seachad de linntean,
Sheall iad dìlseachd gu bàs;
Thug iad fàthachd do'n Rìgh ann,
'S airgead-cinn air bha àrd;
Prionnsa Tèarlach an t-uasal,
Rinn e suaimhneach ann tàmh;
'S cha robh neach ann thug suas e,
Ged bha ruaig air 's gach àit'.
Soraidh slàn leis an Eilean,
Eilean maiseach an fhraoich;
Eilean suairce na Gàidhlig,
Far an d'àraicht' na laoich;
Guma slàn leis gach carnan,
Gach tràigh agus caol;
Sud mo dhùrachd 's mo bheannachd,
Do Eilean Scalpaidh mo ghaoil.